S fhada bhon a sguir mi a dh’ithe feòil. Aig an àm bha mi air leth poilitgeach ma
dheidhinn ach tha sin air socrachadh. Saoilidh mi ge-tà gu bheil biadh
‘adhartach’ gun fheòil math dhan anam – ma tha a leithid ann... – agus math
dhan arainneachd. Do thoil, is do roghainn, fhèin ge-tà.
S caomh leam a bhith a’ sireadh taighean-bidh
veggie an àitegin ùr. Thathar a’ cur fàilte mhòr dhà-rìribh orra ann an
dùthchannan aig a bheil cliù mar 'deidheil air feoil’. Agus tha luchd na Spàinn
deidheil air an cuid fheòla. Shìos an-seo ann an Andalusia, se jamon, no casan-muice as motha a
chìthear sna bùthan.
Co-dhiù no co-dheth, gheibhear seudan beaga ann an àiteachan
ìogantach. Mar L’Atelier ann am baile beag Mecina. The Mecina na phàirt dhen
‘mhetropolis’ mas fhìor de Phitres ann an sgìre La Alpujarra de la Sierra
Nevada. Tha L’Atelier suidhichte air barraid os cionn a’ prìomh rathad tron
bhaile is tha e rudeign fada-shaoghalta – 20 bliadhna is còrr an-seo. Shuidh
sinn a-muigh ann an grian na Dubhlachd. Taobh a-staigh tha dreach Arabach air
an àite is iomadh ceàrn comhfhurtail.
Ghabhadh mòran den bhiadh a bhith bheagan no gheibhear Quorn/ caise ma thogras tu e. The Quorn air leth cùmanta ann an Alba is tha fèill mhòr air
a-measg vegetarians. Bhon a chleachdar ugh àitegin sa reasapaidh, chan eil e
freagarach do bheaganaich. Bu mhòr mo shunnd ge-tà ga ithe an cois couscous le
harissa. A bharrachd air sin bha fìon dearg na sgìre ri fhaotainn aig 1Euro an
glainne. Glan. Glan fhèin.
As deidh siud, do mhòr-bhaile Ghranada far an
do lorg sinn Hicuri – restaurante y tienda vegana – pìos beag bhon AlHambra.
Seo àite gu math tlachdmhor is coltas gu math proifeisanta air. Tha am biadh air a dheagh libhreagadh agus
fìor bhlasta. Be an cùrsa-toisichidh – salmorejo con aguacate – biadh cho math
sa ghabh mi fad ùine mhòr. Be an aon ghearain a bh’againn an caise bheaganach –
cha ghabhadh a’ chlann e idir agus b’ann le duilgheadas a chaidh agam air a
thoirt bhom chorragan. Car coltach ri napalm... A-rithist, bha fìon
organaigeach às an àite fhèin ri fhaighinn ann.
Saoilidh mi gu bheil mothachadh air biadh ‘gun
bheathaichean’ a’ fàs sa Spàinn. Ged nach eil an dòigh-beatha cho cùmanta sa
tha e ann an bailtean mòra na h-Alba, chan eil doirbh taighean-bidhe
freagarrach a lorg gun luaidh air a’ phailteas de ghlasraich is measan ùr a
dh’fhàsas san dùthaich.
A veces en Espana, no está facíl conseguir algo
para vegetarianos. Parace que todos los menus contienen mucho mariscos, pescado
y carne. Tambien, cuando hay un sopa, por ejemplo, de veduras – el viene con
una ‘barca’ de jamon encima...
Pues, en nuestros viajes en la Provincia de
Granada, encontremos dos restaurantes que tienen mucho para vegetarianos y
veganos. Por sopresa, habia un restaurante cerca de Pitres, Las Alpujarras. Fue
L’Atelier en Mendina Fondáles. El otro, fue Hicuri en Granada donde está la
comida entera es vegáno.

