Leis an fhìrinn innse, s fhada bhon a rinn mi sgrùdadh sam bith air polataigs na Spàinne. Uair, dh’ionnsaich mi gu leòr mun chogadh shìobhalta a bh’aca eadar 1936-39 agus na bliadhnaichean fo dhaorsa Fhranco a thàinig mar thoradh air. Tha mi eòlach gu leòr air Gernika agus suidheachadh nam Basgach. Basque History of the World etc...(leugh e)
Gu ìre mhòir, se seo m’eòlas bho bhun gu barr:
Se am Partido Popular na Toraidhean an-seo . Sann san uilebheist seo a tha sliochd nam Franquistas. Gràisg nìmheil.
Se am Partido Socialista Obrero Espanol na Laboraich an-seo. Toraidhean dearg am faclan eile. Tha iad ainmeil airson nan sgiobaidhean bàis a chuir iad a Dhùthaich nam Basgach is a fhuair caineadh bho Amnesty.
Sin e.
Tha fios agam ge-tà gu bheil am PP dearg an-aghaidh sgrùdadh air na thachair ann an Linn Fhranco. Tha uaighean gun chomharrachadh air feadh na Spàinne anns a bheil cuirp bhon linn sin. Mar an ceudna, tha teaghlaichean fhathast rin beò gun fhiosd air dè direach a thachair do athair, seanair, uncail no mathair. Tha e coltach gu bheil am PSOE air a bhith na bu dhìcheallaiche an-seo is iad air maoineachadh a thoirt do phròiseactan a dh’amas air cuisean mar seo fhuasgladh. Chuir am PP bacadh no stad air a leithid.
Fhad’s a sgrìobhas mi, tha cunntasan ‘deireannach’ no exit-polls ag ràdh gur e am PP a bhios na phàrtaidh as motha.
Se as inntinniche ge-tà ‘s gu bheil Podemos aca cha mhòr co-ionnan ris a’ PhSOE. Gu sealladh orm.
Nam biodh bhòt agam, ‘s cinnteach gun deidheadh e do Phodemos. Tha mi fhathast a’ foghlam mun deidhinn ach tha e coltach gu bheil iad air an taobh chlì. Tha iad ‘anabarrach clì’ a-rèir chuid ach san raon pholataigeach san là an-diugh cha bhi siud càil nas eagallaiche na ‘seann Làbor’ ann an-seo
.
Tha ‘hard lefties’ ann cuideachd – brochan de phàrtaidhean nas lugha. Sin an IU no Izquierda Unida (Clì Aonaichte) Car coltach ri RISE ann an Alba, s mathaid. Am fiach iadsan? Tha RISE air nochdadh ro thràth nam bheachdsa ach ‘s dòcha gum fiach bith an IU ma thèid iad comhla ri PSOE is Podemos gus am PP agus na Ciadanos (LibDeamaich gu ìre...) a chumail bho chumhachd.
Co-dhiù. Chan fhada gus an tig na toraidhean am bàrr.
Ma chì sinn riaghaltas air an taobh chlì, am bi iad nas fheàrr a thaobh deamocrasaidh ann an Dùthaich nam Basgach agus Catalunia na bha na riaghaltasan roimhe?
Oh, agus carson ceithir laithean ro'n Nollaig?!
Mis pensamientos sobre los #EleccionesGenerales2015 – en pocas palabras, quisiera que gane Podemos muchos votos y que tenga lugar en el govierno. Hemos visto en Escocia un movimiento algo parecido con Yes Scotland y el SNP – es decir, un movimiento en la izquierda con miles de personas ordinarias contra austeridad o el poder del 'establecimiento'.



