Aig an sgoil Spàinnis agam an-seo, chaidh am bhideo goirid seo a
shealltainn dhan chlas. Se tè à Diobraltar a th’ann agus tha i a’ bruidhinn gu
nàdarra na cànan fhèin – measgachadh nàdarra, tha e coltach, de Bheurla agus
Spàinnis Andaluz. A-rèir an tidseir an-seo, tha am blas, na fuaimean is
dòigh-làbhairt – eadhon sna pàirtean Beurla - dìreach mar a gheibheadh tu ann
an Spàinnis Cádiz.
Air leth inntinneach. Gu mi-fhòrtanach, chan eil e gu leòr gus mo
thaladh dhan a’ chreig thioraim a tha siud!
En mi clas aquí, veimos este video de chica en Gibraltar hablando en la mezcla de Inglés y Andaluz. Me dijó que todo está en la manera Andaluz, aún los partes en Inglés. Me parece muy interesante pero todavia no tengo ningun deseo ir a Gibraltar!