Tha biadh is cultur na Spàinne fhathast laidirv- ged a tha McDonalds is eile ann, tha lamh an uachdar aig a' bhiadh traidiseanta. Ma thèid do chas far rathad àbhaisteach an luchd-turais, chan fhaighear a h-uile goireas a gheibhear air na costaichean. Tha taighean-bidhe Innseanach gu math gann is chan eil fiù’s uiread a thaighean ‘kebab’ sa shaoileadh tu. Tha pailteas de ghlasraich is measan ionadil ri cheannachd sna bùthan is aig a’ mhargaid ach ma thèid thug u taberna, meson, bodega, restaurante no cafe chì thu liosta mòr de thruinnsearan. Fad a’ bharrachd ann na dìreach carne no pescado.
Eadhon nuair a tha biadh gu tùr bheagan ann mar salmorejo, ‘s tric a thig e le sgeadachadh de jamon/ feòil-muice. Agus an inntinn mòran dhaoine, ‘s ionnan na faclan vegetariano , feòil-muice is iasg. Se sin jamón a chanas mi daonnan nuair a dh’iarras mi salmorejo a-nis!
Tha mòran ‘caraidean coirbte’ no ‘false friends’ ann. Dh’ionnsaich mi nach eil ceangail idir eadar choco is chocolate – se iasg a th’ann. Air an làimh eile, shaoileam gur ann bho bheathach air choireigin a bha membrillo ach se quince a th’ann.
Seo na dh’itheas mis’ an-seo...
Gazpacho – mar sailead ‘co-mheasgaichte’ no liquidized salad sa chànan eile. Tiodhlac bho dhia air choireigin a th’ann. Chan eil ann ach glasraich agus cha b’urrainn na b’fheàrr nuair a bhios an ìre-teòthachd àiteigin tuath air 30 °C. Tha tionndadh eile ann – Ajo Blanco no Gazpacho de Almendras – far a chleachdar cnothan almoin seach tomatothan. Clachan a’ choin. Mar reòiteag lom shaillte...
Salmorejo – gu math coltach ri gazpacho ach nas tighe. Se criomagan-àrain as coireach dha ceo. Se am brot as fheàrr leam a-nis. Fìor mhath. Tha tionndaidhean inntinneach, is blasta ann cuideachd. Tha Salmorejo de remolacha (biotas no beetroot) dìreach air leth ach chìthear cuideachd de fresas (sùbh-làir) no manzana (ubhal).
Tortilla – no omelette Spàinnteach. Bhon a tha huevos (uighean) ann, thèid a sheachdnach le bheaganaich ach chan eil ann an uighean, uinnean, buntàta is ola chruinn ola. Cuideachd, gheibhear tortilla fresca/ con espinacas (le càl-bloinigein no spinach). Seachain tortilla con chorizo...!
Patatas – buntàta
- Ali-oli – sabhs geal mar mhayonaisse
- Bravas – sabhs spiosrach tomato a tha bheagan
- A lo pobre – buntàta nam bochd – measgachadh le piobraichean, uinnean, creamh is uaireannan ugh.
Espinacas con garbanzos – càl-bloinigen le cearc-peasraichean. Bheagan.
Berejenas con miel – Aubergine bruich le mil.
Pimientos – Piobraichean rosta
Tostadas – rola no aran air a thostadh agus air ithe le ola chruinn ola, tomato pronn, caise, ìm. marmalaid, mil no creamh. Air ithe gu ‘bracaist’ mu 11m gu math tric!
Croquetas –
- Croquetas de setas (le balgain-buachrach)
- Croquetas de cabrales (le caise gorm)
- Croquetas de Roquefort y nuez (caise Roquefort agus gall-chno)
- Croquetas de espicacas y piñones (cnothan-giùthais is càl-bhloinigein)
Paella Vegetariana – chìthear seo nas trice a-nis.
Pisto – ‘ratatouille’ Spàinnteach a tha seo. Bheagan.
Aros de Cebolla – Fainnean Uinnein. Dìreach mar a th’againn ann an Alba...
Verduras Plancha – Tha an gnìomhar planchar a’ ciallachadh an dà chuid ‘iarnaigeadh’ agus ‘branndachadh’ no ‘griligeadh’. Seo glasraich bhon a’ ghrile. Math fhèin.
Pan – aran
Queso – caise
Bocadillos – ceapairean mòra anns a bheil rud sam bith. Air d’fhaiceal... thig sailead le iasg tuna ann mar as trice.
A bharrachd air seo uile, ‘s mathaid gum faic thu hummas, seitan, tofu, falafel, nudailean gun luaidh air piodsathan.
Meal is caith e. Aprovecho!
Que tenga un buen viaje!








