Bha sinn an-seo airson seachdain air saor-laithean uair. Chord e rinn gu ire ach shaoileam gun robh e rudeigin 'rag' no 'conservative'. Chan eil e na dheagh fhaileas air aite mura h-eil daoine araid, neonach, mi-abhaisteach rim faicin. Ca robh na goths is na puncaich no oigridh nan speilebord? Bha e gann de thaighean-bidhe veggie cuideachd. Ruigidh each mall muileann ge-ta...
Bha an rathad a Shalamanca teth is seasgair. Deireadh an t-Sultain is tha mu 35C aig 3 uairean feasgar.
Chaidh sinn seachad air stadium Real Valladolid Club de Futbol....
Salamanca. Breagha. Air leth breagha. Drochaid Romanach, seann laraich chrabhach, seana bhaile alainn agus 'aile' sona. Taigh-bidhe veggie ann cuideachd agus empanadas de espinacas a dh'fhaodadh tu ithe a h-uile la. Tadhal air.
Spainnis:
tiene corazon dormido - tha cridhe cadalach aige (tha e sgith)
Spainnis:
tiene corazon dormido - tha cridhe cadalach aige (tha e sgith)


No hay comentarios:
Publicar un comentario