viernes, 18 de diciembre de 2015

Italica

Chan eil mi idir eòlach air làraich Romanach. Tha iad car gann ann an Alba agus tha na th’againn rudeigin suarach an taca ri na mìobhailean a chìthear ann an àiteachan eile.  Chan eil ann ach dìg far an do sheas Balla Antonine agus se tobhtaichean sgiobalta ìosal a gheibh thu aig Cathair Amoin.

Tha mi a’ tuigsinn gu bheil làraich mhòr iomraiteach anns a leithid de Tunisia, a’ Ghrèig is an Tuirc gun luaidh air an Roimh fhèin. Aon là... ‘s dòcha.

Urlar nan diathan

Mar sin dheth, bha mi air mo dhòigh ghlan nuair a thadhal mi air Italica – baile mòr Romanach ann an Santiponce, an arainn Shevilla. Tha gu leòr ri fhaicinn ann ach se a bhuail orms ‘s nach eil am follais ach bloigh. Thathar a’ creidsinn gu bheil an tuilledh dheth fo thaighean Shantiponce.

Mar aineolach san raon seo, tha mi daonnan fo ìongnadh mòr nuair a chì mi colbh no balla aost’ air choireigin an teis mheadhan a’ bhaile mhòir an-seo an Sevilla no ann an Merída a tha mu 60km bhuaithe. Tha e nas ìongataiche buileach gur ann an Alba a rugadh Pontius Pilate ge-tà...

Ma tha thu ann an sgìre Shevilla, na seachain an làrach iomraiteach seo.


Que lugar interesante! Hace falta de lugares de este tipo en Escocia. Parece que los Romanes no disfrutaban mi pais. El gente? El tiempo? La lluvia?

Italica es maravillosa. Intento volver con los hijos cuando tendrian mas anos.

No hay comentarios:

Publicar un comentario