martes, 23 de febrero de 2016

Am fion de Jerez



Ann an saoghal an uisge-beatha, ‘s ionnan na faclan ‘sherry cask’ agus sàr bhlas. Ged a tha a’ mhòr-chuid de na barrailean a chleachdar airson uisge-beata abachadh bho na Staitean Aonaichte far an do chum iad bourbon roimhe, tha fèill mhòr air a’ bheag chuid anns an robh seiridh roimhe. Chan ìongnadh gum fàg abachadh sheiridh blas milis air an uisge-beatha – mar as àbhaist mar a dh’fhiosraich mi…

Jerez


Thog sinn oirnn do na bodegas de Lustau ann teis-mheadhan Jerez de la Frontera, uair a thìde le trèana bho Shevilla. Sann sna taighean-bathair mòra seo a thèid a’ chuid as motha den fhìon aig Lustau. Cha robh mi idir eòlach air seiridh mus tàinig mi an-seo ach nuair a chunnaic mi ‘Bristol Sherry Cream’ ann an litrichean mòra air a’ bhalla, chuimhnich mi gum bu toil le mo mhathair an stuth seo nuair a bha mi beag.

Tha fad’ a bharrachd na sin ann ge-tà. Eadar geal is tioram agus dearg is milis, ‘s cinnteach gu bheil rudeigin ann a chòrdas riut no a chuireas ìongnadh ort. Do dhaoine a tha eòlach air mac na bracha, tha ainmean cliùiteach ann mar Oloroso agus Pedro Ximenez.

Tha iad fhathast air an cleachdadh ach tha na baraillean siud a’ fàs gann san là an-dìugh agus mar an ceudna, a’ fàs daor cuideachd.

blasad sheiridh, Jerez, sherry tasting

Dh’fheuch sinn 8 seiridhean agus aon bhrandaidh.  Thòisich sinn leis an fheadhainn as tioraime agus as gile. Dhomhsa, bha iad ro thioram agus ro aotrom. An uairsin, thugadh dhuinn ‘drama’ bho aon de na h-almenacistas. Seo an seiridh as gainne aig Lustau – tighinn bho thuathanasan beaga nach dean ach ‘s dòcha 50 baraille. Bha seo fìor mhath. Beagan milis is ioma-fhillte. Balgam a dh’fhaodadh tu cumail air do theanga fad greis mhòr.

Nuair a ràinig sinn na seiridhean as milse, bha beagan eagal orm gum biodh iad ro mhilis, ro thiùgh agus ro choltach ri cough syrup (acfhann casaid?). Ach, bha an fheadhainn seo rudeigin finealta ged a tha iad milis gu leòr. S cinnteach gun deidheadh iad gu math an cois caise as dèidh dinneir.

Mar an t-uisge-beatha, tha eachdraidh is cultar air cul an t-seiridh. Thòisich Lustau ann an aon de na barrios ann an Jerez far an robh an coimhearsnachd Gitano (Torragar dubh) a’ fuireachd. Tha seiridh, mar Flamenco, fuighte ris a’ chultar seo.

No conocia mucho sobre el vino de Jerez. Cuando era joven mi madre tomaba un poco Bristol Cream de vez en cuando y para mucho, jerez es un bebida para viejos. Pero, cuando viajo, me apetece mucho descubrir la cultura local. Naturalmente, el vino de Jerez es importante para la economica y cultura de Andalusia pero tambien es un parte importante en la producción de whisky. Hay mucho que disfruta whisky que ha madurado en un barrica de jerez aunque los precios no estan barrato estos dias.

Vale la pena visitar una bodega – hay mucho que aprender y disfrutar.

gitano - ceard, Roma, no 'Torragar Dubh' a-réir an Fhaclair Bhig.
Jerez, Xeres, sherry - bhon fhacal Arabais 'sherish' شريش
almacenista - tuathanas beag as am faighear uiread beag de dh'fhion. Gu tric, chan eil ach mu 50 baraill air a libhreagadh dhan chompanaidh.
Pedro Ximenez - gne de dh'fhion-dearc. Théid fion air leth milis a dheanamh bho na reisidean.


No hay comentarios:

Publicar un comentario