viernes, 5 de febrero de 2016

Faoinsgeul Basgach: Jose agus an Lamía

Mar a th’againn ann an Alba, ann an dùthaich nam Basgach (el Pais Vasco/ Euskal Herria) tha iomadh seann sgeul mu chreutairean òs-nàdarra. Seo sgeul mu aon dhiubh. Se hada no bean-shìthe a th’ann an lamia. S cinnteach gur ann am Basgais/ Euskera a bha seo bho thus ach rinn mi-fhìn eadar-theangachadh air bhon a’ Spàinnis.


La leyenda/ am faoinsgeul:José agus an Lamia


Aon là thachair Jose, ciobair òg, ri maighdeann bhrèagha is i na suidhe aig beul uaimh a’ cireadh a fuilt. Cho luath sa chunnaic e i bha e air a bheò-ghlacadh leatha is dh’iarr e oirre a pòsadh.

Dh’aontaich a’ mhaighdeann dhìomhair a phòsadh ach air aon chùmhnant: airson a pòsadh, dh’fheumadh dèanamh dheth dè an aois a bha i. Thill Jose dhan bhaile aige is dh’iarr e air ban-nàbaidh airson cuideachaidh is thug ise a gealladh gum faigheadh i a-mach.

Gus seo a choilionadh, chaidh an nàbaidh dhan aon uamh, agus nuair a nochd a’ mhaighdeann chuir i a cul rithe is nochd i a tòn.

Leis an eagal, ghlaodh a’ mhaighdeann bhrèagha “Nam cheud is còig bliadhnaichean chan fhaca mi a-riamh càil mar seo!”

Thill am boireannach dhan bhaile is dh’inns i do Jose aois na maighdinn. Leis an-sin, nuair a chaidh Jose dhan uamh an ath là a dhearbhadh a h-aois, ghabh a’ mhaighdeann ris a’ ghealladh-pòsaidh.

Gidheadh, ron a’ bhanais, dh’inns Jose dha phàrantan mun bhanais. Thug a sheann phàrantan rabhadh dha gur dòcha gur e lamia – bean-sìthe nam beann - a bh’anns a leannan agus gun robh coir aige iarraidh oirre a casan a nochdadh dha feuch an robh i na duine no nach robh.

An ath là, choinnich Jose ris a’ mhaighdeann bhrèagha uair eile is thug e oirre a casan a shealltainn dha. Dhearbh Jose nach b’e casan daonna bh’aice ach casan tunnaige. Dhearbh seo gur e lamia a bh’innte.


Bhris an ciobair òg a ghealladh sa bhad is cha do phòs e i ach leis a’ ghaol a bh’aige oirre cha b’fhada gus an do dh’fhàs e tinn leis a’ bhròin is chaochail e. Air là an adhlacaidh, sheirm clagan na h-eaglaise as leth Jose. Nuair a chuala an lamia iad, chaidh i dhan bhaile gus sòraidh-slàn fhàgail aige.

Tionndadh Spàinnis:

José, un joven pastor, encuentra un dia, a la entrada de una cueva, a una joven bellísima que se está peinando con un peine de oro. Cuando la ve, José se enamora inmediatamente de la joven y le pide casarse con ella.

La misteriosa joven le pone una condición: para casarse con ella, él debe acertar cuántos años tiene. José vuelve a su pueblo y le pide ayuda a una vecina, quien le promete averiguarlo.

Para ello, la vecina va a aquella misma cueva, se pone de espaldas a esta y, cuando aparece la bella joven, se inclina hacia adelante y le enseña el trasero. Asustada, la bella joven exclama: "!En los ciento cinco años qye tengo, jamás he visto nada igual!"

La mujer vuelve a pueble y le comunica a José la edad de la bella, por lo que esta acepta casarse con él. 

Sin embargo, antes del matrimonio, José les comenta el asunto a sus padres. Sus ancianos padres le advierten de que su amada puede ser una lamía, un hada de las montañas, y le dicen que, antes de casarse, debe verle los pies para saber si es humana o no. Al día siguiente José enccuentra de nuevo a la bella joven u le obliga a enseñarle los pies; cuando se los enseña, José comprueba que estos no son humanos, sino pies de pato, por lo que se confirma que es una lamía. 

El joven rombe de inmediato su compromiso y no se casa, pero como está muy enamorado, enferma de tresteza y no tarda mucho tiempo en morir. El día de su funeral, las campanas de la iglesia tocan por la muerte de José. Cuando la lamía las oye, va al pueblo para decirle adiós.

No hay comentarios:

Publicar un comentario